Tha sinn cho fortunach ann an Alba. Beanntan, lochan, a' mhuir agus eileanan. Tha tòrr eileanan breagha ach feumaidh gu bheil Eilean Erraid far chosta an Rois Mhuilich a-measg an fheadhainn as breagha. Tha rudeigin sònraichte mun àite seo, an solas, coltas an àite, na seallaidhean. No 's dòcha mar a tha iad uile a' tighinn còmhla. Nochd am bogsa seo loma-làn biadh bho Martina. 
Seo an Tràigh Gheal faisg air far an robh sinn a' campadh. Tha seo a' sealltainn suidheachadh an àite leis na creagan. Chan fhaigh thu àite nas fheàrr airson beagan fois agus bha a' mhuir freagarrach airson snorkling.
Agus slighe ùr a tha seo air creag nach robh san leabhar. Bha dà ire ann 's sgaoiltean matha air an ìre as àirde. Tha seo san t-slochd dubh mar a tha air na mapaichean.
Agus Martina a' dèanamh a' ghnothach an seo. Eilean Ithe san dealbh seo.
Chan eil fhios 'm nan robh sluagh air an eilean seo ach bha baile beag againn fhèin. Bha e math teanta fa-leth dhuinn ach chuir sin ri cuideam nam baga....
Àite beagan eagalach a tha seo le creagan gach taobh. Chaidh an t-ainm Asteroid Chasm a chur air ach chànainn gum biodh ainm Gàidhlig air bho thùs oir tha e gu math follaiseach. Bha crotal gu leòr air na creagan agus ropa a' dol sios.
Beul na h-oidhche a' coimhead dhan iar-dheas. Bha sinn a' feitheamh ris na taighean-solais, Dùbh Artach agus An Sgèir Mhòr ach cha do nochd iad. Chunnaic sinn Beinn Haoidhnis ann an Tiriodh ged tha!
Bha beagan trioblaid againn air an t-slighe air ais tro Mhuile. Teas agus cearcailan-breic.... Bha an t-uisge ann cuideachd. 
Faclan Feumail / Useful Words
Eilean mo ghaol - The Island of my desire
An Rois Mhuilich - The Ross of Mull
Tha rudeigin sònraichte mun àite seo - There is something special about this place
Tràigh - Beach
An solas - The light
Campadh - Camping
Slighe ùr - A new route
Sgaoiltean - Cracks
Eilean Ithe - The Isle of Iona
Bha baile beagan againn fhèin - We had our own we town
Àite beagan eagalach - A place a wee bit scary
Crotal gu leòr - Plenty of lichen
Ropa a' dol sios - there was a rope leading down
Beul na h-Oidhche - the sunset
litthe mouth of the night
Taighean-solais - Lighthouses
Sgèir Mhòr - Skerryvore
Muile - Mull
Beagan trioblaid - a bit of trouble